Ach bhrosnaich na h‑àrd-shagartan an sluagh, a‑chum gum b’fheàrr leo Barabas a chur fa sgaoil dhaibh.
Cluinnibh-se seo, a shagartan; agus thugaibh-se aire, O thaigh Israeil; agus thugaibh-se fa‑near, O thaigh an rìgh; oir tha breitheanas dlùth dhuibh; a chionn gu robh sibh mar ribe air Mispah, agus mar lìon sgaoilte air Tabor.
Ach chuir na h‑àrd-shagartan agus na seanairean impidh air a’ phoball gun iarradh iad Barabas, agus gum milleadh iad Iosa.
(Oir bha fhios aige gum b’ann tro fharmad a thug na h‑àrd-shagartan thairis e.)
Agus fhreagair Pilat, agus thubhairt e riu a‑rìs, Ciod mas eadh as àill leibh mi a dhèanamh ris an duine sin, den goir sibh Rìgh nan Iùdhach?
An sin ghlaodh iadsan uile, ag ràdh, Chan e an duine seo, ach Barabas. A‑nis b’fhear-reubainn Barabas.
Ach dh’àich sibhse an t‑Aon naomh, agus am Fìrean, agus dh’iarr sibh mortair a thìodhlacadh dhuibh;