Rinn i na dh’fhaodadh i; thàinig i ro‑làimh a dh’ungadh mo chuirp a‑chum adhlaic.
Bidh do shluagh ro‑thoileach ann an là do chumhachd; ann am maise na naomhachd, mar an drùchd o bholg na maidne, bidh d’òige agad.
Oir air dòrtadh na h‑ola seo dhi air mo chorp-sa, is ann fa chomhair m’adhlacaidh a rinn i e.
Agus a‑nis air teachd don fheasgar (do bhrìgh gum b’e là an ullachaidh e, eadhon an là ron t‑sàbaid),
Agus air dha a thoirt a‑nuas, phaisg e ann an lìon-aodach e, agus chuir e ann an uaigh e a chladhaicheadh à carraig, anns nach do chuireadh aon duine riamh roimhe.
An sin thubhairt Iosa, Leig leatha: fa chomhair là m’adhlacaidh ghlèidh i seo.
Oir ma bhios air tùs inntinn thoileach ann, gabhar ris a rèir mar a tha aig neach, agus chan ann a rèir nan nithean nach eil aige.