Agus ghoir an coileach an dara uair. Agus chuimhnich Peadar am facal a thubhairt Iosa ris, Mun goir an coileach dà uair, àichidh tu mi trì uairean. Agus nuair a smaoinich e air, ghuil e.
Agus bhuail cridhe Dhaibhidh e, an dèidh dha an sluagh àireamh: agus thubhairt Daibhidh ris an Tighearna, Pheacaich mi gu mòr anns an nì a rinn mi: agus a‑nis, a Thighearna, guidheam ort, thoir air falbh cionta do sheirbhisich, oir rinn mi gu ro‑amaideach.
A‑chum gun cuimhnich thu, agus gum bi nàire ort, agus nach fhosgail thu do bheul gu bràth nas mò, do bhrìgh do nàire, nuair a bhios mise rèidh riut airson gach uile nì a rinn thu, deir an Tighearna Iehòbhah.
An sin cuimhnichidh sibh ur droch shlighe fhèin, agus ur dèanadais nach robh math, agus fuathaichidh sibh sibh fhèin nur sealladh fhèin, airson ur n‑euceartan, agus airson ur gràinealachdan.
Ach iadsan a thèid as dhiubh, thèid as, agus bidh iad air na slèibhtean mar chalamain nan gleann, iad uile a’ caoidh, gach aon dhiubh airson a aingidheachd fhèin.
Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, An‑diugh, air an oidhche seo fhèin, mun goir an coileach dà uair, gun àich thusa mi trì uairean.
Ach dh’àich esan, ag ràdh, Chan aithne dhomh, agus chan eil mi a’ tuigsinn ciod a tha thu ag ràdh. Agus chaidh esan a‑mach don fhor-dhoras; agus ghoir an coileach.