Agus dh’àich e a‑rìs. Agus an ceann beagan na dhèidh sin, thubhairt iadsan a bha nan seasamh an làthair a‑rìs ri Peadar, Gu fìrinneach is ann dhiubh siud thu: oir is Galilèach thu, agus tha do chainnt cosmhail riu.
Agus ghoir an coileach an dara uair. Agus chuimhnich Peadar am facal a thubhairt Iosa ris, Mun goir an coileach dà uair, àichidh tu mi trì uairean. Agus nuair a smaoinich e air, ghuil e.