Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:70

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’àich e a‑rìs. Agus an ceann beagan na dhèidh sin, thubhairt iadsan a bha nan seasamh an làthair a‑rìs ri Peadar, Gu fìrinneach is ann dhiubh siud thu: oir is Galilèach thu, agus tha do chainnt cosmhail riu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Ach dh’àich esan, ag ràdh, Chan aithne dhomh, agus chan eil mi a’ tuigsinn ciod a tha thu ag ràdh. Agus chaidh esan a‑mach don fhor-dhoras; agus ghoir an coileach.

Agus air do bhanoglaich fhaicinn a‑rìs, thòisich i air a ràdh riùsan a bha nan seasamh an làthair, Is ann dhiubh a tha am fear seo.

Ach thòisich esan air mallachadh agus air mionnachadh, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine seo mum bheil sibh a’ labhairt.

Agus bha iad uile fo uamhas agus ghabh iad iongantas, ag ràdh ri chèile, Feuch, nach Galilèaich iad sin uile a tha a’ labhairt?

An sin thubhairt iadsan ris, Abair a‑nis Schibolet; agus thubhairt esan Sibolet: oir cha b’urrainn e a ràdh gu ceart. An sin ghabh iad e, agus mharbh iad e aig àthan Iòrdain; agus thuit anns an àm sin de na h‑Ephraimich a dhà agus dà‑fhichead mìle.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan