A chlann bheag, fhathast ùine bheag tha mise maille ribh. Iarraidh sibh mi: agus mar a thubhairt mi ris na h‑Iùdhaich, Don àite don tèid mise, chan eil e an comas dhuibhse teachd; mar sin tha mi ag ràdh ribhse a‑nis.
Agus a‑nis chan eil mise nas mò anns an t‑saoghal, ach tha iadsan anns an t‑saoghal, agus tha mise a’ teachd ad ionnsaigh-sa. Athair naoimh, coimhead iadsan tre d’ainm, a thug thu dhòmhsa, a‑chum gum bi iad nan aon, mar tha sinne.
Neach as èiginn do nèamh a ghabhail gu aimsirean aiseag nan uile nithean, air an do labhair Dia le beul a fhàidhean naomha uile, o thoiseach an t‑saoghail.
Oir cha bhi an tìr a‑chaoidh gun bhochd: uime sin tha mi ag àithneadh dhut, ag ràdh, Fosglaidh tu do làmh gu farsaing dod bhràthair, dod bhochd, agus dod uireasbhaidheach, ad dhùthaich.
Oir tha subhachas ro‑mhòr agus comhfhurtachd againne ann ad ghràdh-sa, do bhrìgh gu bheil innidh nan naomh air faotainn suaimhneis tromhadsa, a bhràthair.