Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:68

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach dh’àich esan, ag ràdh, Chan aithne dhomh, agus chan eil mi a’ tuigsinn ciod a tha thu ag ràdh. Agus chaidh esan a‑mach don fhor-dhoras; agus ghoir an coileach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus lean Peadar e fada uapa, gus an deachaidh e a‑steach do thalla an àrd-shagairt: agus bha e na shuidhe maille ris na seirbhisich, agus ga gharadh ris an teine.

Agus air do bhanoglaich fhaicinn a‑rìs, thòisich i air a ràdh riùsan a bha nan seasamh an làthair, Is ann dhiubh a tha am fear seo.

Agus dh’àich e a‑rìs. Agus an ceann beagan na dhèidh sin, thubhairt iadsan a bha nan seasamh an làthair a‑rìs ri Peadar, Gu fìrinneach is ann dhiubh siud thu: oir is Galilèach thu, agus tha do chainnt cosmhail riu.

Agus ghoir an coileach an dara uair. Agus chuimhnich Peadar am facal a thubhairt Iosa ris, Mun goir an coileach dà uair, àichidh tu mi trì uairean. Agus nuair a smaoinich e air, ghuil e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan