Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:61

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach dh’fhan esan na thosd, agus cha do fhreagair e nì sam bith. A‑rìs dh’fheòraich an t‑àrd-shagart dheth, agus thubhairt e ris, An tu Crìosd, mac an tì bheannaichte?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Is beannaichte thusa, a Thighearna; teagaisg dhomh do reachdan.

Cuiridh mi an cèill òrdagh an Tighearna: thubhairt e rium, Is tu mo mhac-sa; an‑diugh ghin mi thu.

Bha mi am thosd, cha d’fhosgail mi mo bheul, a chionn gur tusa a rinn e.

Shàraicheadh e, agus rinneadh ainneart air, gidheadh cha d’fhosgail e a bheul; thugadh e mar uan a‑chum a’ chasgraidh, agus mar chaora a bhios balbh an làthair a luchd-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul.

Agus fhreagair Sìmon Peadar agus thubhairt e, Is tusa Crìosd, Mac an Dè bheò.

Agus, feuch, guth o nèamh, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.

Agus, feuch, ghlaodh iad, ag ràdh, Ciod e ar gnothach-ne riut, Iosa, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo gar pianadh ron àm?

Agus air èirigh suas don àrd-shagart anns a’ mheadhon, chuir e ceist air Iosa, ag ràdh, Nach toir thu freagradh air bith uat? Ciod sin mu bheil iad seo a’ toirt fianais ad aghaidh?

Agus dh’fheòraich Pilat dheth, An tusa Rìgh nan Iùdhach? Agus air freagairt dha, thubhairt e ris, Thubhairt thu e.

Agus chunnaic mi, agus rinn mi fianais, gur e seo Mac Dhè.

An sin chruinnich na h‑Iùdhaich ma thimcheall, agus thubhairt iad ris, Cia fhad a chumas tu ar n‑anaman ann an amharas? Mas tu Crìosd, innis dhuinn gu follaiseach.

An abair sibh ris-san, a naomhaich an t‑Athair, agus a chuir e a‑chum an t‑saoghail, Tha thu a’ labhairt toibheim; airson gun dubhairt mi, Is mi Mac Dhè?

Air an adhbhar sin thubhairt Pilat ris, An rìgh thu mas eadh? Fhreagair Iosa, Thubhairt thusa gur rìgh mi. Is ann a‑chum na crìche seo a thàinig mi don t‑saoghal, a‑chum gun dèanainn fianais don fhìrinn. Gach neach a tha air taobh na fìrinn, èisdidh e rim ghuth-sa.

Fhreagair na h‑Iùdhaich e, Tha lagh againne, agus a rèir ar lagha-ne is còir a chur gu bàs, airson gun do rinn e Mac Dhè dheth fhèin.

Agus chaidh e a‑steach a‑rìs do àit a’ bhreitheanais, agus thubhairt e ri Iosa, Cia as dhut? Ach cha tug Iosa freagradh dha.

A’ chuibhreann den sgriobtar a bha e a’ leughadh, b’i seo i: Thugadh e mar chaora a‑chum marbhaidh; agus mar uan a tha na thosd am fianais an fhir-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul:

A rèir soisgeul glòrmhor an Dè bheannaichte, a dh’earbadh riumsa.

Nì, na àmannan fhèin, a dh’fhoillsicheas an Tì a tha beannaichte, agus a‑mhàin cumhachdach, Rìgh nan rìgh, agus Tighearna nan tighearnan;

Neach, nuair a chàineadh e, nach do chàin a‑rìs; nuair a dh’fhuiling e, nach do bhagair; ach a dh’earb e fhèin ris-san a bheir breith cheart:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan