Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thubhairt Iosa, Leigibh leatha; carson a tha sibh a’ cur dragh oirre? Rinn i obair mhath ormsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Cha soirbhich inneal sam bith a dhealbhar ad aghaidh; agus gach teanga a dh’èireas riut am breitheanas, dìtidh tu. Is i seo oighreachd seirbhisich an Tighearna; agus tha am fìreantachd uamsa, deir an Tighearna.

Ach air aithneachadh seo do Iosa, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ cur dragh air a’ mhnaoi? Oir rinn i deagh obair dhòmhsa.

Oir dh’fhaodadh i a bhith air a reic airson tuilleadh na trì cheud pèighinn, agus air a toirt do na bochdan. Agus rinn iad gearan na h‑aghaidh.

Oir tha na bochdan a‑ghnàth maille ribh, agus ge bè uair as àill leibh, faodaidh sibh math a dhèanamh dhaibh: ach chan eil mise a‑ghnàth agaibh.

A‑nis bha ban-deisciobal àraidh ann an Iopa dom b’ainm Tabita, is e sin, air eadar-theangachadh, Dorcas: bha a’ bhean seo làn de dheagh obraichean, agus de dhèircean a rinn i.

Oir chan e an tì a mholas e fhèin a tha ionmholta, ach an tì a mholas an Tighearna.

Agus tha Dia comasach air gach gràs a dhèanamh ro‑phailt dhuibhse, a‑chum air dhuibh anns gach uile nì làn-leòr a bhith agaibh a‑ghnàth, gum biodh sibh pailt a‑chum gach deagh obrach.

Oir is sinne a obair-san, air ar cruthachadh ann an Iosa Crìosd a‑chum dheagh obraichean, airson an d’ullaich Dia ro‑làimh sinn, a‑chum gun gluaiseamaid annta.

A‑chum gun gluaiseadh sibh gu cubhaidh don Tighearna a‑chum gach uile thoileachaidh, a’ toirt toraidh uaibh anns an uile dheagh obair, agus a’ fàs ann an eòlas Dhè;

Comhfhurtachd dur cridhe-se, agus gun daingnicheadh e sibh anns gach uile dheagh fhacal agus ghnìomh.

Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoidheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd-àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair.

Iad a dhèanamh maith, iad a bhith saoibhir ann an deagh obraichean, ullamh gu roinn, compàirteach;

Uime sin ma ghlanas neach e fhèin uapa seo, bidh e na shoitheach a‑chum urraim, air a naomhachadh, agus iomchaidh a‑chum feum a’ mhaighistir, deas a‑chum gach uile dheagh obrach.

A‑chum gum bi òglach Dhè coileanta, làn-deas a‑chum gach uile dheagh obrach.

A thug e fhèin air ar son, a‑chum gun saoradh e sinn o gach aingidheachd, agus gun glanadh e dha fhèin sluagh sònraichte, eudmhor mu dheagh obraichean.

Anns na h‑uile nithean gad nochdadh fhèin ann ad eisempleir dheagh obraichean: ann an teagasg a’ nochdadh neo-thruaillidheachd, suidheachadh inntinn, treibhdhireis,

Agus fòghlamadh ar muinntir-ne mar an ceudna deagh obraichean a dhèanamh gu dùrachdach fa chomhair ghnàthachadh feumail, a‑chum nach bi iad neo-thairbheach.

Is fìor an ràdh seo, agus is àill leam thu a thoirt dearbh-chinnte air na nithean sin, a‑chum gum biodh iadsan a chreid ann an Dia cùramach air toiseach a bhith aca ann an deagh obraichean: oir tha na nithean seo math agus tairbheach do dhaoine.

Agus thugamaid an aire da chèile a‑chum ar brosnachadh gu gràdh, agus gu deagh obraichean:

Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile-san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair-san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.

Air dhuibh deagh chaitheamh-beatha a bhith agaibh am measg nan Cinneach; a‑chum an àite olc a labhairt umaibh mar luchd mì‑ghnìomh, gun dèan iad o ur deagh obraichean a chì iad, Dia a ghlòrachadh ann an là an fhiosrachaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan