Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:58

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Chuala sinne e ag ràdh, Leagaidh mi sìos an teampall seo, a rinneadh le làmhan, agus ann an trì làithean togaidh mi teampall eile, nach do rinneadh le làmhan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Chunnaic thu gus an robh clach air a gearradh a‑mach gun làmhan, a bhuail an ìomhaigh air a casan a bha de iarann, agus de chriadh, agus a bhris nam bloighdean iad.

Anns a’ mheud is gum faca tu gu robh a’ chlach air a gearradh a‑mach as an t‑sliabh as eugmhais làmhan, agus gun do bhris i nam bloighdean an t‑iarann, an t‑umha, a’ chriadh, an t‑airgead agus an t‑òr; thug an Dia mòr fios don rìgh ciod a thig gu crìch na dhèidh seo, agus tha am bruadar cinnteach, agus a bhrìgh dearbhte.

Agus thubhairt iad, Thubhairt am fear seo, Is urrainn mise teampall Dhè a leagail, agus a thogail a‑rìs ann an trì làithean.

Agus dh’èirich dream àraidh, agus thug iad fianais bhrèige na aghaidh, ag ràdh,

Agus mar sin fhèin cha robh am fianais a’ teachd ri chèile.

Agus thug iadsan a bha a’ dol seachad ana-cainnt dha, a’ crathadh an ceann, agus ag ràdh, O thusa a leagas an teampall, agus a thogas e ann an trì làithean,

Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Leagaibh sìos an teampall seo, agus ann an trì làithean cuiridh mise suas e.

Gidheadh chan eil an Tì as àirde a’ gabhail còmhnaidh ann an teampaill làmh-dhèante; mar tha am fàidh ag ràdh,

Oir tha fhios againn, nan sgaoilte o chèile ar taigh talmhaidh a’ phàillein seo, gu bheil againn aitreabh o Dhia, taigh nach do thogadh le làmhan, sìorraidh anns na nèamhan.

Ach air teachd do Chrìosd na Àrd-shagart nan nithean matha a bha ri teachd, tre phàillean a bu mhò agus a b’iomlaine, nach do rinneadh le làmhan, sin ri ràdh, nach robh den togail seo;

Oir cha deachaidh Crìosd a‑steach do na h‑ionadan naomha làmh-dhèante, nithean a tha nan samhladh air an fhìor ionad; ach do nèamh fhèin, a‑chum a‑nis e fhèin a nochdadh ann am fianais Dhè air ar son-ne:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan