Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:57

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich dream àraidh, agus thug iad fianais bhrèige na aghaidh, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Rinn Micah am Morastach fàistneachd ann an làithean Heseciah rìgh Iùdah, agus labhair e ri uile shluagh Iùdah, ag ràdh, Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Bidh Sion mar mhachair air a treabhadh, agus bidh Ierusalem na cùirn, agus sliabh an taighe mar ionadan àrda na frìthe.

Agus ag ràdh, Thusa a leagas an teampall, agus a chuireas suas an trì làithean e, fòir ort fhèin: mas tu Mac Dhè, thig a‑nuas on chrann-cheusaidh.

Oir rinn mòran dhaoine fianais bhrèige na aghaidh, ach cha do chòrd am fianais ri chèile.

Chuala sinne e ag ràdh, Leagaidh mi sìos an teampall seo, a rinneadh le làmhan, agus ann an trì làithean togaidh mi teampall eile, nach do rinneadh le làmhan.

Agus thug iadsan a bha a’ dol seachad ana-cainnt dha, a’ crathadh an ceann, agus ag ràdh, O thusa a leagas an teampall, agus a thogas e ann an trì làithean,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan