Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:55

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus a’ chomhairle uile fianais an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs; agus cha d’fhuair iad.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus cuiribh dithis dhaoine, mic Bheliail, ma choinneamh, a thoirt fianais na aghaidh, ag ràdh, Mhaslaich thu Dia agus an rìgh: agus an sin thugaibh a‑mach e, agus clachaibh e, a‑chum gum faigh e bàs.

Agus thàinig dithis dhaoine, mic Bheliail, agus shuidh iad ma choinneamh: agus rinn fir Bheliail fianais na aghaidh, eadhon an aghaidh Nàboit, an làthair an t‑sluaigh, ag ràdh, Mhaslaich Nàbot Dia agus an rìgh. An sin thug iad a‑mach as a’ bhaile e, agus chlach iad e le clachan, agus fhuair e bàs.

Na tabhair thairis mi do thoil mo naimhdean, oir dh’èirich fianaisean brèige am aghaidh agus luchd-bagairt fòirneirt.

Dh’èirich fianaisean eucorach; chuir iad as mo leth nithean air nach robh fhios agam.

An sin dh’iarr na h‑uachdarain agus na prionnsachan cùis fhaotainn an aghaidh Dhanieil a‑thaobh na rìoghachd, ach cha b’urrainn iad cùis air bith fhaotainn, no coire: do bhrìgh gu robh e dìleas, cha mhò a fhuaireadh mearachd no coire sam bith ann.

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.

Oir rinn mòran dhaoine fianais bhrèige na aghaidh, ach cha do chòrd am fianais ri chèile.

An sin dh’fhiosraich an t‑àrd-shagart de Iosa mu thimcheall a dheisciobal, agus mu thimcheall a theagaisg.

Carson a tha thu a’ fiosrachadh dhìomsa? Feòraich dhiubhsan a chuala, ciod a thubhairt mi riu: feuch, tha fhios acasan ciod a thubhairt mi.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan