Agus lean Peadar e fada uapa, gus an deachaidh e a‑steach do thalla an àrd-shagairt: agus bha e na shuidhe maille ris na seirbhisich, agus ga gharadh ris an teine.
Agus nuair a chuala Eliah e, chòmhdaich e a aghaidh le a fhallaing, agus chaidh e a‑mach, agus sheas e am beul na h‑uamha; agus, feuch, thàinig guth da ionnsaigh, agus, feuch, thubhairt e, Ciod e do ghnothach an seo, Eliah?
Agus chaidh e a‑steach an sin do uaimh, agus ghabh e tàmh innte; agus, feuch, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod e do ghnothach an seo, Eliah?
Agus air dha a bhith ann an cruaidh-ghleac anama, rinn e ùrnaigh na bu dùrachdaiche: agus bha a fhallas mar bhraonan mòra fala a’ tuiteam sìos air an talamh.
Agus bha na seirbhisich agus na maoir nan seasamh, air dhaibh teine guail a chur suas, oir bha am fuachd ann, agus bha iad gan garadh fhèin: agus bha Peadar na sheasamh maille riu, agus ga gharadh fhèin.
Agus bha Sìmon Peadar na sheasamh agus ga gharadh. Uime sin thubhairt iad ris, Nach aon de a dheisciobail thusa mar an ceudna? Dh’àich esan, agus thubhairt e, Cha mhi.
Agus chaidh cuid de na h‑Eabhraidhich thar Iòrdan gu tìr Ghad, agus Ghilead: ach bha Saul fhathast ann an Gilgal, agus bha an sluagh na dhèidh uile air chrith.