Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:49

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bha mi gach là maille ribh anns an teampall, a’ teagasg, agus cha do ghlac sibh mi: ach tha seo a‑chum gum biodh na sgriobtairean air an coileanadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

(Agus rinneadh seo uile a‑chum gun coileante an nì a thubhairt an Tighearna leis an fhàidh, ag ràdh,

Ach cionnas an sin a bhiodh na sgriobtairean air an coileanadh, a tha ag ràdh gur ann mar seo as èiginn tachairt?

Anns an uair sin fhèin thubhairt Iosa ris an t‑sluagh, An tàinig sibh a‑mach mar gum b’ann an aghaidh gadaiche, le claidheamhan agus bataichean a‑chum mise a ghlacadh? Bha mi gach là am shuidhe maille ribh anns an teampall a’ teagasg agus cha do chuir sibh làmh annam.

Ach thachair seo uile a‑chum gum biodh sgriobtairean nam fàidhean air an coileanadh. An sin thrèig na deisciobail uile e, agus theich iad.

Agus air èirigh dha as a sin, thàinig e gu crìochan Iudèa tron dùthaich a tha air an taobh thall de Iòrdan: agus thàinig slòigh da ionnsaigh a‑rìs; agus mar bu ghnàth leis, theagaisg e iad a‑rìs.

Agus thàinig iad a‑rìs gu Ierusalem: agus air dhàsan a bhith a’ spaisdearachd anns an teampall, thàinig da ionnsaigh na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean,

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, a’ teagasg anns an teampall, Cionnas a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur e Crìosd mac Dhaibhidh?

Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, An tàinig sibh a‑mach gam ghlacadh-sa, mar gum b’ann an aghaidh fir-reubainn le claidheamhan agus le bataichean?

Agus air do na h‑uile a thrèigsinn, theich iad.

Agus bha e gach là a’ teagasg anns an teampall. Ach dh’iarr na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus ceannardan a’ phobaill, esan a mhilleadh.

Oir tha mi ag ràdh ribh, gur èiginn fhathast an nì seo a tha sgrìobhte a choileanadh annamsa. Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach: oir tha crìoch aig na nithean ud a tha mum thimcheall-sa.

Agus bha Iosa a’ sràideamachd anns an teampall ann an sgàth-thaigh Sholaimh.

Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith.

Air an là dheireannach, là mòr sin na fèille, sheas Iosa agus ghlaodh e, ag ràdh, Ma tha tart air neach sam bith, thigeadh e am ionnsaigh-sa, agus òladh e.

An sin labhair Iosa riu a‑rìs, ag ràdh, Is mise solas an t‑saoghail: an tì a leanas mise, cha siubhail e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.

Agus gu moch air mhadainn thàinig e a‑rìs don teampall, agus thàinig an sluagh uile da ionnsaigh; agus air suidhe dha, theagaisg e iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan