Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, An tàinig sibh a‑mach gam ghlacadh-sa, mar gum b’ann an aghaidh fir-reubainn le claidheamhan agus le bataichean?
Agus air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, agus maille ris cuideachd mhòr le claidheamhan agus bataichean o na h‑àrd-shagartan agus o sheanairean a’ phobaill.
Anns an uair sin fhèin thubhairt Iosa ris an t‑sluagh, An tàinig sibh a‑mach mar gum b’ann an aghaidh gadaiche, le claidheamhan agus bataichean a‑chum mise a ghlacadh? Bha mi gach là am shuidhe maille ribh anns an teampall a’ teagasg agus cha do chuir sibh làmh annam.