Marcus 14:45Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus air teachd dha, chaidh e air ball da ionnsaigh-san, agus thubhairt e, Fàilte dhut, a Mhaighistir; agus phòg e e. Faic an caibideil |
Bheir mac onair da athair, agus seirbhiseach da mhaighistir; mas athair mise, matà, càit a bheil m’onair? Agus mas maighistir mi, càit a bheil m’eagal? tha Tighearna nan sluagh ag ràdh ribhse, O shagartan a tha a’ dèanamh tàire air m’ainm-sa; agus tha sibh ag ràdh, Ciod anns an do rinn sinne tàir air d’ainm?
Agus air dhaibhsan teachd, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus nach eil suim agad de neach air bith: oir chan eil thu ag amharc air gnùis dhaoine, ach a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e ceadaichte cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? An tabhair no nach tabhair sinn i?