Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:44

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bha an tì a bhrath esan air toirt comharraidh dhaibh, ag ràdh, Ge bè neach don toir mise pòg, is e sin e; glacaibh e, agus thugaibh leibh e gu tèarainte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bidh an fhuil dhuibh mar chomharradh air na taighean anns a bheil sibh; agus nuair a chì mise an fhuil, thèid mi thairis oirbh, agus cha bhi a’ phlàigh oirbh a‑chum ur milleadh nuair a bhuaileas mi tìr na h‑Eiphit.

Is dìleas lotan caraid; ach is cealgach pògan eascaraid.

Eiribh, imicheamaid: feuch, tha an tì a bhrathas mise am fagas.

Agus air ball, air dha a bhith fhathast a’ labhairt, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, agus sluagh mòr maille ris le claidheamhan agus bataichean, o na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean.

Agus air teachd dha, chaidh e air ball da ionnsaigh-san, agus thubhairt e, Fàilte dhut, a Mhaighistir; agus phòg e e.

Agus an dèidh dhaibh iomadh buille a leagadh orra, thilg iad ann am prìosan iad, a’ toirt sparraidh do fhear-coimhead a’ phrìosain an gleidheadh gu tèarainte;

Gun gheilt ann an nì sam bith oirbh o ur naimhdean: nì a tha dhaibhsan na chomharradh cinnteach air sgrios, ach dhuibhse air slàinte, agus sin o Dhia.

Fàilte uamsa Pòl lem làimh fhèin, nì as e an comharradh anns gach uile litir: mar seo tha mi a’ sgrìobhadh.

A‑nis uime sin guidheam oirbh, mionnaichibh dhomh air an Tighearna, a chionn gun do nochd mi coibhneas dhuibh, gun nochd sibhse mar an ceudna coibhneas do thaigh m’athar-sa, agus gun toir sibh dhomh comharradh cinnteach;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan