Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:41

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig e an treas uair, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois: is leòr e, thàinig an uair; feuch, tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan nam peacach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha e mu mheadhon-là, rinn Eliah fanaid orra, agus thubhairt e, Eighibh le guth àrd; oir is dia e: an dara cuid tha e a’ beachd-smaoineachadh, no tha e air tòir, no tha e air thuras, no theagamh gu bheil e na chadal, agus gum feumar a dhùsgadh.

Agus thàinig e a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt an rìgh ris, A Mhicaiah, an tèid sinn do Ramot-gilead gu cath, no an leig sinn leis? Agus thubhairt esan ris, Falbh suas, agus soirbhich; oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e.

Agus thubhairt Elisa ri rìgh Israeil, Ciod e mo ghnothach-sa riutsa? Imich a dh’ionnsaigh fàidhean d’athar, agus a dh’ionnsaigh fàidhean do mhàthar. Agus thubhairt rìgh Israeil ris, Chan eadh; oir ghairm an Tighearna na trì rìghrean seo cuideachd a‑chum an toirt thairis do làimh Mhòaib.

Dèan gàirdeachas, a dhuine òig, ann ad òige, agus dèanadh do chridhe subhach thu ann an làithean d’òige, agus siubhail ann an slighean do chridhe, agus ann an sealladh do shùl: ach biodh fhios agad, air an son seo uile, gun toir Dia a‑chum breitheanais thu.

Air ur son-se, O thaigh Israeil, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Imichibh, dèanaibh seirbhis, gach aon duine da iodhalan a‑nis na dhèidh seo, mura èisd sibh riumsa; ach na truaillibh m’ainm naomh-sa nas mò le ur tabhartasan agus le ur n‑iodhalan.

Tha fhios agaibh gu bheil a’ chàisg an dèidh dà là, agus tha Mac an Duine air a bhrath a‑chum a cheusadh.

Agus dh’imich Iùdas Iscariot, aon den dà‑fhear-dheug, a‑chum nan àrd-shagart, gu esan a bhrath dhaibh.

Agus nuair a bha iad nan suidhe, agus ag ithe, thubhairt Iosa, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse, a tha ag ithe maille rium, mise.

Agus chaidh e beagan air aghaidh, agus thuit e air an talamh, agus rinn e ùrnaigh, nam bu chomasach e gun rachadh an uair thairis air.

Agus nuair a thill e, fhuair e iad a‑rìs nan cadal, oir bha an sùilean trom, agus cha robh fhios aca cionnas a bheireadh iad freagradh air.

Eiribh, imicheamaid; feuch, tha an tì a bhrathas mise am fagas.

Agus thubhairt e riu, Is math a tha sibh a’ cur air cùl àithne Dhè, a‑chum gun coimhead sibh ur n‑òrdachadh fhèin.

Oir theagaisg e a dheisciobail fhèin, agus thubhairt e riu, Tha Mac an Duine air a thabhairt thairis do làmhan dhaoine, agus cuiridh iad gu bàs e; agus an dèidh a chur gu bàs, èiridh e a‑rìs an treas là.

Agus fhreagair Iosa iad ag ràdh, Thàinig an uair a‑chum gum biodh Mac an Duine air a ghlòrachadh.

A‑nis tha m’anam fo àmhghar; agus ciod a their mi? Athair, saor mi on uair seo: ach is ann air a shon seo a thàinig mi a‑chum na h‑uaire seo.

Labhair Iosa na briathran seo; agus thog e suas a shùilean gu nèamh, agus thubhairt e, Athair, thàinig an uair; glòraich do Mhac, a‑chum gun glòraich do Mhac thusa mar an ceudna:

An sin dh’iarr iad a ghlacadh: ach cha do chuir neach air bith làmh ann, a chionn nach robh a uair fhathast air teachd.

Labhair Iosa na briathran seo ann an taigh-coimhead an ionmhais, a’ teagasg dha anns an teampall: agus cha do chuir duine air bith làmh ann; oir cha robh a uair fhathast air teachd.

Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur-leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd-brathaidh, agus nur mortairean:

Rachaibh agus gairmibh air na diathan a roghnaich sibh: saoradh iad sibh ann an àm ur teanntachd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan