Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:40

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thill e, fhuair e iad a‑rìs nan cadal, oir bha an sùilean trom, agus cha robh fhios aca cionnas a bheireadh iad freagradh air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Iùdah, Ciod a their sinn rim thighearna? Cionnas a labhras sinn? No cionnas a ghlanas sinn sinn fhèin? Fhuair Dia a‑mach aingidheachd do sheirbhiseach; feuch, tha sinn nar seirbhisich dom thighearna, araon sinn, agus esan mar an ceudna aig an d’fhuaireadh an cupan.

Agus air dha imeachd a‑rìs, rinn e ùrnaigh, ag ràdh nam briathran ceudna.

Agus thàinig e an treas uair, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois: is leòr e, thàinig an uair; feuch, tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan nam peacach.

Ach bha Peadar, agus iadsan a bha maille ris, trom nan cadal: agus nuair a dhùisg iad, chunnaic iad a ghlòir, agus an dithis fhear a bha nan seasamh maille ris.

A‑nis tha fhios againn ge bè nithean a tha an lagh a’ labhairt, gur ann riùsan a tha fon lagh a tha e gan labhairt: a‑chum gun druidear gach uile bheul, agus gum bi an saoghal uile air fhaotainn ciontach am fianais Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan