Agus thàinig e, agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thubhairt e ri Peadar, A Shìmoin, a bheil thu ad chadal? Nach b’urrainn thu faire a dhèanamh aon uair?
Dèanaibh-se air an adhbhar sin faire, a’ dèanamh ùrnaigh gach àm, a‑chum gum measar gur airidh sibh air dol as o na nithean sin uile a tha gu teachd, agus seasamh an làthair Mac an Duine.
Oir tha an fheòil a’ miannachadh an aghaidh an Spioraid, agus an Spiorad an aghaidh na feòla: agus tha iad sin an aghaidh a chèile; ionnas nach faigh sibh na nithean a bu mhiann leibh a dhèanamh.
Uime sin, a mhuinntir mo ghràidh, mar a bha sibh umhail a‑ghnàth, chan ann a‑mhàin am làthair-sa, ach nas ro‑mhò as mo làthair, làn-obraichibh ur slàinte fhèin le eagal agus ball-chrith:
Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:
A chionn gun do ghlèidh thu facal m’fhoighidinn-sa, gleidhidh mise thusa mar an ceudna o uair a’ bhuairidh, a thig air an t‑saoghal uile, a dhearbhadh na muinntir sin a tha nan còmhnaidh air an talamh.