Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:37

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig e, agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thubhairt e ri Peadar, A Shìmoin, a bheil thu ad chadal? Nach b’urrainn thu faire a dhèanamh aon uair?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Absalom ri Husai, An e seo do choibhneas rid charaid? Carson nach deachaidh tu maille rid charaid?

Ma ruith thu leis na coisichean, agus gun do sgìthich iad thu, cionnas idir a nì thu strì ri eich? Agus ann am fearann sìth, ged robh agad dòchas, gidheadh ciod a nì thu ann an onfhadh Iòrdain?

An sin thàinig maighistir na luinge da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Ciod as ciall dhut, O thusa a tha ad chadal? Eirich, gairm air do Dhia; theagamh gun smaoinich Dia oirnn, a‑chum nach bàsaich sinn.

Agus air dèanamh moille don fhear nuadh-phòsda, thuit clò cadail orra uile, agus suain.

Agus thàinig e a‑chum nan deisciobal, agus fhuair e nan cadal iad, agus thubhairt e ri Peadar, An ann mar sin, nach b’urrainn sibh faire a dhèanamh aon uair a‑mhàin maille riumsa?

Agus thubhairt e, Abba, Athair, tha gach nì so‑dhèanamh dhutsa; cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh, na b’e an nì a b’àill leamsa, ach an nì as toil leatsa.

Dèanaibh faire agus ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh: tha an spiorad gu deimhinn togarrach, ach tha an fheòil anfhann.

Uime sin thugaibh fa‑near esan a dh’fhuiling a shamhail sin de ana-cainnt o pheacaich na aghaidh fhèin, air eagal gum bi sibh sgìth agus lag nur n‑inntinnean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan