Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:36

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Abba, Athair, tha gach nì so‑dhèanamh dhutsa; cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh, na b’e an nì a b’àill leamsa, ach an nì as toil leatsa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

A bheil nì air bith do‑dhèante don Tighearna? Anns an àm shuidhichte tillidh mi ad ionnsaigh, a rèir àm na beatha, agus bidh mac aig Sàrah.

Is e mo thlachd do thoil a dhèanamh, a Dhè; seadh, tha do lagh an taobh a‑staigh dem chridhe.

Feuch, is mise an Tighearna, Dia na h‑uile fheòla, a bheil nì sam bith tuilleadh is cruaidh ormsa?

Agus dh’imich e beagan air adhart, agus thuit e air a aghaidh, a’ dèanamh ùrnaigh, agus ag ràdh, O m’Athair, ma dh’fhaodas e a bhith, rachadh an cupan seo seachad orm; gidheadh, na biodh e mar as àill leamsa, ach mar as toil leatsa.

A‑rìs an dara uair, dh’imich e agus rinn e ùrnaigh, ag ràdh, O m’Athair, mura faodar gun tèid an cupan seo seachad orm gun mi ga òl, do thoil-sa gu robh dèante.

Air an adhbhar sin dèanaibh-se ùrnaigh air a’ mhodh seo: Ar n‑Athair a tha air nèamh, Gu naomhaichear d’ainm.

Agus air do Iosa amharc orra, thubhairt e, Do dhaoine tha seo eu‑comasach, ach chan eil do Dhia: oir do Dhia tha na h‑uile nithean comasach.

Thubhairt iadsan ris, Tha sinn comasach. Ach thubhairt Iosa riu, Olaidh sibhse gu deimhinn an cupan a dh’òlas mise; agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise:

Agus thàinig e, agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thubhairt e ri Peadar, A Shìmoin, a bheil thu ad chadal? Nach b’urrainn thu faire a dhèanamh aon uair?

A‑nis tha m’anam fo àmhghar; agus ciod a their mi? Athair, saor mi on uair seo: ach is ann air a shon seo a thàinig mi a‑chum na h‑uaire seo.

An sin thubhairt Iosa ri Peadar, Cuir do chlaidheamh anns an truaill: an cupan a thug m’Athair dhòmhsa, nach òl mi e?

Thubhairt Iosa riu, Is e mo bhiadh-sa toil an tì a chuir uaithe mi a dhèanamh, agus a obair a chrìochnachadh.

Chan eil mise comasach air nì sam bith a dhèanamh uam fhèin: mar a chluinneas mi bheir mi breith: agus tha mo bhreitheanas ceart; do bhrìgh nach eil mi ag iarraidh mo thoile fhèin, ach toil an Athar a chuir uaithe mi.

Agus do bhrìgh gur mic sibh chuir Dia Spiorad a mhic fhèin nur cridheachan, ag èigheach, Abba, Athair.

Agus air dha a bhith air fhaghail ann an cruth mar dhuine, dh’irioslaich e e fhèin, agus bha e umhail gu bàs, eadhon bàs a’ chroinn-cheusaidh.

Mura creid sinne, gidheadh tha esan a’ fantainn fìrinneach; chan eil e an comas dha e fhèin àicheadh.

Ann an dòchas na beatha maireannaich a gheall Dia, do nach comasach breug a dhèanamh, ro chruthachadh an t‑saoghail;

A‑chum tre dhà nì neo-chaochlaideach, anns an robh e eu‑comasach gun dèanadh Dia breug, gum biodh againne comhfhurtachd làidir, a theich a‑chum dìdein gu greim a dhèanamh air an dòchas a chuireadh romhainn:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan