Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh e beagan air aghaidh, agus thuit e air an talamh, agus rinn e ùrnaigh, nam bu chomasach e gun rachadh an uair thairis air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thuit Abram air a aodann: agus labhair an Tighearna ris, ag ràdh,

Agus nuair a chunnaic clann Israeil uile mar a thàinig an teine a‑nuas, agus glòir an Tighearna, air an taigh, chrom iad iad fhèin len aghaidhean a‑chum na talmhainn air an ùrlar, agus rinn iad adhradh, agus mhol iad an Tighearna, a chionn gu bheil e math, gum mair a thròcair gu bràth.

Agus dh’imich e beagan air adhart, agus thuit e air a aghaidh, a’ dèanamh ùrnaigh, agus ag ràdh, O m’Athair, ma dh’fhaodas e a bhith, rachadh an cupan seo seachad orm; gidheadh, na biodh e mar as àill leamsa, ach mar as toil leatsa.

An sin thàinig e a‑chum a dheisciobal, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois; feuch, tha an uair air druideadh, agus tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan pheacach.

Agus thàinig e an treas uair, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois: is leòr e, thàinig an uair; feuch, tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan nam peacach.

Agus thàirngeadh esan uapa mu thimcheall urchar cloiche, agus leig e e fhèin air a ghlùinean, agus rinn e ùrnaigh,

Agus fhreagair Iosa iad ag ràdh, Thàinig an uair a‑chum gum biodh Mac an Duine air a ghlòrachadh.

Agus thuit mi sìos am fianais an Tighearna, mar air tùs, dà‑fhichead là agus dà‑fhichead oidhche; cha d’ith mi aran, cha mhò a dh’òl mi uisge, airson ur peacaidhean uile a pheacaich sibh, le olc a dhèanamh ann an sealladh an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.

Neach ann an làithean a fheòla, an dèidh dha ùrnaighean agus athchuingean, maille ri àrd-èighich agus deòir, ìobradh suas don tì a bha comasach air a shaoradh on bhàs, agus ris an d’èisdeadh a‑thaobh an nì ron robh eagal air.

Thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos an làthair an Tì a bha na shuidhe air an rìgh-chathair, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal, agus thilg iad sìos an crùin an làthair na rìgh-chathrach, ag ràdh,

Agus thubhairt na ceithir beò-chreutairean, Amen. Agus thuit na ceithir-seanairean-fichead sìos, agus rinn iad adhradh dhàsan a tha beò gu saoghal nan saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan