Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e riu, Tha m’anam ro‑bhrònach, eadhon gu bàs: fanaibh-se an seo, agus dèanaibh faire.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Air an adhbhar sin, roinnidh mi dha cuibhreann maille ris a’ mhòran, agus roinnidh e a’ chreach maille ris na cumhachdaich; a chionn gun do dhòirt e a‑mach a anam gu bàs; agus gu robh e air àireamh am measg nan ciontach; agus ghiùlain e peacadh mhòrain, agus rinn e eadar-ghuidhe airson nan ciontach.

O sibhse uile a tha a’ gabhail an rathaid, amhaircibh agus faicibh a bheil bròn sam bith cosmhail rim bhròn-sa a thugadh orm, on uair anns an do rinn an Tighearna mo smachdachadh ann an là a dhian-fheirge.

An sin thubhairt e riu, Tha m’anam ro‑bhrònach, eadhon gu bàs: fanaibh-se an seo, agus dèanaibh faire maille riumsa.

A‑nis tha m’anam fo àmhghar; agus ciod a their mi? Athair, saor mi on uair seo: ach is ann air a shon seo a thàinig mi a‑chum na h‑uaire seo.

Ach tha crìoch nan uile nithean am fagas: uime sin bithibh measarra, agus dèanaibh faire a‑chum ùrnaigh.

Bithibh stuama, dèanaibh faire; do bhrìgh gu bheil ur nàmhaid an diabhal, mar leòmhann beucach, ag imeachd mun cuairt a’ sireadh cò a dh’fhaodas e shlugadh suas:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan