Ach is ro‑mhò a thubhairt esan, Ged is èiginn dhomh am bàs fhulang maille riut, chan àich mi a‑chaoidh thu. Agus mar sin thubhairt càch uile mar an ceudna.
Agus thubhairt Phàraoh ris, Ach ciod e a tha a dh’easbhaidh ort maille riumsa, gun iarradh tu, feuch, dol dod thìr fhèin? Agus fhreagair esan, Chan eil nì air bith, gidheadh leig dhomh falbh air gach aon chor.
Agus thubhairt Hasael, Ach ciod, an cù do sheirbhiseach, gun dèanadh e an nì mòr seo? Agus fhreagair Elisa, Nochd an Tighearna dhòmhsa gum bi thu ad rìgh air Siria.
Agus fhreagair an sluagh uile le aon ghuth, agus thubhairt iad, Gach nì a labhair an Tighearna, nì sinne. Agus thug Maois air ais briathran an t‑sluaigh a dh’ionnsaigh an Tighearna.
Thubhairt iadsan ris, Tha sinn comasach. Ach thubhairt Iosa riu, Olaidh sibhse gu deimhinn an cupan a dh’òlas mise; agus baistear sibh leis a’ bhaisteadh leis am baistear mise:
Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, An‑diugh, air an oidhche seo fhèin, mun goir an coileach dà uair, gun àich thusa mi trì uairean.