Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, An‑diugh, air an oidhche seo fhèin, mun goir an coileach dà uair, gun àich thusa mi trì uairean.
Uime sin dèanaibh-se faire, oir chan eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an taighe; an ann air feasgar, no air mheadhon-oidhche, no aig gairm-choileach, no anns a’ mhadainn;
Ach is ro‑mhò a thubhairt esan, Ged is èiginn dhomh am bàs fhulang maille riut, chan àich mi a‑chaoidh thu. Agus mar sin thubhairt càch uile mar an ceudna.
Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon-sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean.
An sin thubhairt a’ bhanoglach a bha a’ gleidheadh an dorais ri Peadar, Nach ann de dheisciobail an duine seo thusa mar an ceudna? Thubhairt esan, Chan ann.