Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air bhith dha ann am Betani, ann an taigh Shìmoin an lobhar, nuair a bha e na shuidhe aig bòrd, thàinig bean, aig an robh bocsa alabastair de ola spicnaird ro‑luachmhor; agus bhris i am bocsa, agus dhòirt i air a cheann e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Am feadh a tha an Rìgh aig a fhleadh tha mo spiocnard a’ sgaoileadh a fhàile cùbhraidh.

Dh’èirich mi a dh’fhosgladh do fhear mo ghràidh; agus shil mo làmhan mirr, agus mo mheòir mirr ruithteach, air làmhan na glaise.

Agus nuair a dh’fhàg e iad, chaidh e a‑mach as a’ bhaile gu Betani, agus dh’fhan e an sin.

Agus mar an ceudna esan a fhuair a dhà, bhuannaich e dithis eile.

Ach thubhairt iad, Chan ann air an fhèill, air eagal gun èirich buaireas am measg an t‑sluaigh.

Agus bha cuid dhiubh diombach annta fhèin, agus ag ràdh, Carson a rinneadh an t‑ana-caitheamh seo air an ola?

(B’i a’ Mhuire sin a dh’ung an Tighearna le ola luachmhoir, agus a thiormaich a chasan le a falt, aig an robh a bràthair Làsaras gu tinn.)




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan