Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, An‑diugh, air an oidhche seo fhèin, mun goir an coileach dà uair, gun àich thusa mi trì uairean.
An sin an dèidh dhaibh an dìnnear a ghabhail, thubhairt Iosa ri Sìmon Peadar, A Shìmoin mhic Iònais, a bheil barrachd gràidh agad dhòmhsa orra sin? Thubhairt e ris, Tha, a Thighearna; tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt e ris, Beathaich m’uain.