Dùisg, O chlaidheimh, an aghaidh mo bhuachaille, agus an aghaidh an duine a tha na dhlùth-chompanach dhòmhsa, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh. Buailidh mise am buachaille, agus bidh an treud air a sgapadh; agus tionndaidhidh mi mo làmh air a’ mhuinntir bhig.
Feuch, thig an t‑àm, seadh, tha e cheana air teachd, anns an sgapar o chèile sibh, gach aon ga ionad fhèin, agus am fàg sibh mise am aonar: gidheadh chan eil mise am aonar, oir tha an t‑Athair maille rium.