Nuair a labhair Iosa na briathran seo, chaidh e maille ra dheisciobail thairis air sruth Chedroin, far an robh lios, don deachaidh e fhèin agus a dheisciobail.
Ciod mas eadh? Nì mi ùrnaigh leis an spiorad, agus nì mi ùrnaigh leis an tuigse mar an ceudna: seinnidh mi leis an spiorad, agus seinnidh mi leis an tuigse mar an ceudna.
Gabhadh facal Chrìosd còmhnaidh annaibh gu saoibhir anns an uile ghliocas, a’ teagasg agus a’ comhairleachadh a chèile le sailm, agus laoidhean, agus dàin spioradail, a’ dèanamh ciùil don Tighearna le gràs nur cridhe.
Agus sheinn iad òran nuadh, ag ràdh, Is airidh thusa air an leabhar a ghlacadh, agus a sheulachan fhosgladh, do bhrìgh gun do mharbhadh thu, agus gun do shaor thu sinne do Dhia led fhuil fhèin, as gach uile threubh, agus theangaidh, agus shluagh, agus chinneach;