Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach òl mi nas mò de thoradh na fìonain gus an là sin anns an òl mi nuadh e ann an rìoghachd Dhè.
Agus fìon a nì cridhe an duine subhach, ola a nì a ghnùis dealrach, agus aran a neartaicheas cridhe an duine.
Agus tàrlaidh anns an là sin gun sil na slèibhtean a‑nuas fìon nuadh, agus sruthaidh na beanntan le bainne; agus sruthaidh uile aibhnichean Iùdah le uisgeachan; agus thig tobar a‑mach o thaigh an Tighearna, agus uisgichidh e gleann Shitim.
Oir cia mòr an soirbheachadh, agus cia mòr am maise! Nì an t‑arbhar na h‑òganaich, agus am fìon-nuadh na h‑òighean, subhach.
Ach tha mi ag ràdh ribh nach òl mi à seo suas de thoradh seo na fìonain, gus an là sin anns an òl mi e nuadh maille ribh ann an rìoghachd m’Athar.
Agus thubhairt e riu, Is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran.
Agus air dhaibh laoidh a sheinn, chaidh iad a‑mach gu Sliabh nan Crann-ola.