Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:22

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus an dèidh a bheannachadh, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh: is e seo mo chorp-sa.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Na seachd bà matha, is seachd bliadhna iad; agus na seachd diasan matha, is seachd bliadhna iad: is aon an aisling.

Agus, feuch, bha tàlann luaidhe air a thogail suas: agus, feuch, bean na suidhe ann am meadhon na h‑ephah.

Agus dh’àithn e don t‑sluagh suidhe sìos air an fheur, agus ghlac e na còig buileannan agus an dà iasg, agus air amharc dha suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e, agus thug e na buileannan da dheisciobail, agus thug na deisciobail don t‑sluagh iad.

Agus ghlac e na uchd iad, agus chuir e a làmhan orra, agus bheannaich e iad.

Tha Mac an Duine gu deimhinn ag imeachd, mar a tha e sgrìobhte uime, ach is an‑aoibhinn don fhear sin lem brathar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e.

Agus air glacadh a’ chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhaibhsan e: agus dh’òl iad uile as.

Agus thubhairt e riu, Is i seo m’fhuil-sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran.

Agus air dha na còig buileannan agus an dà iasg a ghabhail, agus amharc suas gu nèamh, bheannaich agus bhris e na buileannan, agus thug e da dheisciobail iad, a‑chum gun cuireadh iad romhpa iad; agus roinn e an dà iasg orra uile.

Agus ghlac e cupan, agus air dha buidheachas a thabhairt, thubhairt e, Gabhaibh seo, agus roinnibh eadaraibh fhèin e:

Agus nuair a shuidh e gu biadh maille riu, air dha aran a ghlacadh, bheannaich e e, agus bhris e e, agus thug e dhaibh e.

(Gidheadh thàinig luing bheaga eile o Thiberias, làimh ris an àite anns an d’ith iad an t‑aran, an dèidh don Tighearna buidheachas a thoirt;)

Agus gun d’òl iad uile an aon deoch spioradail (oir dh’òl iad den charraig spioradail sin a lean iad: agus b’i a’ charraig sin Crìosd):

Oir is i Agar beinn Shinài ann an Aràbia, agus tha i a’ co‑fhreagradh do Ierusalem a tha a‑nis ann, agus tha i fo dhaorsa maille ra cloinn.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan