Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air freagairt dhàsan thubhairt e riu, Is fear den dà‑fhear-dheug e, a tha a’ tumadh maille riumsa anns a’ mhèis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Falaichidh an leisgean a làmh na bhroilleach; uiread is a‑chum a bheòil cha tabhair e i a‑rìs.

Agus fhreagair esan agus thubhairt e, An tì a thumas a làmh anns a’ mhèis maille riumsa, brathaidh esan mi.

Agus air dha a bhith fhathast a’ labhairt, feuch, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, agus maille ris cuideachd mhòr le claidheamhan agus bataichean o na h‑àrd-shagartan agus o sheanairean a’ phobaill.

Agus thòisich iad air a bhith dubhach, agus a ràdh ris, an dèidh a chèile, Am mise e? Agus fear eile, Am mise e?

Tha Mac an Duine gu deimhinn ag imeachd, mar a tha e sgrìobhte uime, ach is an‑aoibhinn don fhear sin lem brathar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e.

Agus air ball, air dha a bhith fhathast a’ labhairt, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, agus sluagh mòr maille ris le claidheamhan agus bataichean, o na h‑àrd-shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean.

Agus nuair a bha e fhathast a’ labhairt, feuch, sluagh, agus dh’imich esan dom b’ainm Iùdas, aon den dà‑fhear-dheug, romhpa, agus dhruid e ri Iosa, a‑chum a phògadh.

Fhreagair Iosa, Is e an tì sin e don toir mise an greim, an dèidh dhomh a thumadh. Agus nuair a thum e an greim, thug e e do Iùdas Iscariot, mac Shìmoin.

Ach labhair e mu Iùdas Iscariot, mac Shìmoin: oir is e seo an tì a bha gu esan a bhrath, air dha a bhith na aon den dà‑fhear-dheug.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan