Agus chuala na sgrìobhaichean agus na h‑àrd-shagartan seo, agus dh’iarr iad cionnas a dh’fhaodadh iad esan a mhilleadh: oir bha a eagal-san orra, do bhrìgh gu robh an sluagh uile fo iongantas mòr ra theagasg.
Agus bha a’ chàisg agus fèill an arain neo-ghortaichte an dèidh dà là: agus dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean cionnas a ghlacadh iad esan le foill, agus a chuireadh iad gu bàs e.
Agus air bhith dha ann am Betani, ann an taigh Shìmoin an lobhar, nuair a bha e na shuidhe aig bòrd, thàinig bean, aig an robh bocsa alabastair de ola spicnaird ro‑luachmhor; agus bhris i am bocsa, agus dhòirt i air a cheann e.