Agus thòisich iad air a bhith dubhach, agus a ràdh ris, an dèidh a chèile, Am mise e? Agus fear eile, Am mise e?
Agus bha iad ro‑bhrònach, agus thòisich gach aon aca fa‑leth air a ràdh ris, Am mise e, a Thighearna?
Agus nuair a bha iad nan suidhe, agus ag ithe, thubhairt Iosa, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse, a tha ag ithe maille rium, mise.
Agus air freagairt dhàsan thubhairt e riu, Is fear den dà‑fhear-dheug e, a tha a’ tumadh maille riumsa anns a’ mhèis.
An sin dh’amhairc na deisciobail air a chèile, fo amharas cò uime a labhair e.