Agus nuair a bha iad nan suidhe, agus ag ithe, thubhairt Iosa, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse, a tha ag ithe maille rium, mise.
Oir tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach, Gus an tèid nèamh agus talamh thairis, cha tèid aon lide no aon phuing den lagh thairis, gus an coileanar gach aon nì.
Agus nuair a nì sibh trasgadh, na biodh gruaim air ur gnùis, mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir cuiridh iadsan mì‑dhreach air an aghaidh a‑chum gum faicear le daoine iad a bhith a’ trasgadh. Tha mi ag ràdh ribh gu fìrinneach gu bheil an tuarasdal aca.
Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.
Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar luchd an fhuar-chràbhaidh: oir is ionmhainn leo ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan, agus ann an coinneachadh nan sràid nan seasamh, a‑chum gum faicear le daoine iad. Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.
Ach fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil neach sam bith a dh’fhàg taigh, no bràithrean, no peathraichean, no athair, no màthair, no bean-phòsda, no clann, no fearann, air mo shon-sa agus airson an t‑soisgeil,
Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè earrann air bith, air feadh an domhain uile, anns am bi an soisgeul seo air a shearmonachadh, bidh mar an ceudna an nì seo a rinn i air innse mar chuimhne oirre.
Agus cò air bith iad nach gabh ribh, agus nach èisd ribh, air dhuibh imeachd as an àite sin, crathaibh an duslach a bhios fo ur casan mar fhianais nan aghaidh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom agus do Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na don bhaile sin.
Agus air dèanamh osna dhàsan na spiorad, thubhairt e, Carson a tha an ginealach seo ag iarraidh comharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach toirear comharradh don ghinealach seo.
Agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gu bheil cuid dhiubhsan a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè a’ teachd le cumhachd.
O fhuil Abeil gu fuil Shachariais, a chaidh a mhilleadh eadar an altair agus an teampall: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, gun agrar i air a’ ghinealach seo.
Agus thubhairt e ris, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, na dhèidh seo chì sibh nèamh fosgailte, agus aingil Dhè a’ dol suas agus a’ teachd a‑nuas air Mac an Duine.
Chan eil mi a’ labhairt oirbh uile: is aithne dhomh cò a thagh mi: ach is èiginn an sgriobtar a choileanadh, An tì a tha ag ithe arain maille rium, thog e a shàil am aghaidh.
Air do Iosa na nithean seo a ràdh, bha e fo thrioblaid na spiorad, agus rinn e fianais, agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibh mise.
Fhreagair Iosa e, An leig thu d’anam sìos air mo shon-sa? Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut nach goir an coileach gus an àich thu mi trì uairean.
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, nuair a bha thu òg, chrioslaich thu thu fhèin, agus dh’imich thu an taobh a bu mhiann leat: ach nuair a bhios tu aosmhor, sìnidh tu a‑mach do làmhan, agus crioslaichidh neach eile thu, agus bheir e thu an taobh nach àill leat.
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut gu bheil sinne a’ labhairt an nì as fios dhuinn, agus a’ toirt fianais air an nì sin a chunnaic sinn; agus cha ghabh sibhse ar fianais.
Fhreagair Iosa, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh riut, mura bi duine air a bhreith o uisge, agus on Spiorad, chan urrainn e dol a‑steach do rìoghachd Dhè.
Air an adhbhar sin fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil am Mac comasach air nì sam bith a dhèanamh uaithe fhèin, ach an nì a chì e an t‑Athair a’ dèanamh: oir ge bè nithean a nì esan, na nithean sin fhèin nì am Mac mar an ceudna.
Fhreagair Iosa iad agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Tha sibh gam iarraidh, chan ann a chionn gum faca sibh na mìorbhailean, ach a chionn gun d’ith sibh de na buileannan, agus gun do shàsaicheadh sibh.
An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach tug Maois dhuibh an t‑aran o nèamh; ach tha m’Athair-sa a’ toirt dhuibh an arain fhìor o nèamh.