Agus nuair a bha iad nan suidhe, agus ag ithe, thubhairt Iosa, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse, a tha ag ithe maille rium, mise.
Chan eil mi a’ labhairt oirbh uile: is aithne dhomh cò a thagh mi: ach is èiginn an sgriobtar a choileanadh, An tì a tha ag ithe arain maille rium, thog e a shàil am aghaidh.