Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chaidh a dheisciobail a‑mach, agus thàinig iad don bhaile, agus fhuair iad mar a thubhairt e riu; agus dh’ullaich iad a’ chàisg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

6 Iomraidhean Croise  

Agus rinn mi ceart mar a dh’àithneadh dhomh: thug mi a‑mach m’àirneis anns an là, mar àirneis airson braighdeanais, agus anns an anmoch chladhaich mi tron bhalla lem làimh; thug mi a‑mach i anns an dubh-anmoch, agus ghiùlain mi air mo ghuaillean i nan sealladh.

Agus nochdaidh esan dhuibh seòmar àrd, farsaing, na làn uidheam agus deasaichte: an sin ullaichibh dhuinn.

Agus air teachd don fheasgar, thàinig esan maille ris an dà‑fhear-dheug.

Agus dh’imich iad agus fhuair iad mar a thubhairt e riu: agus dh’ullaich iad a’ chàisg.

Agus thubhairt e riu, Nuair a chuir mi uam sibh gun sporan agus gun mhàla, agus gun bhrògan, an robh uireasbhaidh nì sam bith oirbh? Agus thubhairt iad, Cha robh.

Ach dh’innis mi na nithean seo dhuibh, a‑chum nuair a thig an t‑àm, gun cuimhnich sibh gun d’innis mi dhuibh iad. Ach cha dubhairt mi na nithean seo ribh o thùs, do bhrìgh gu robh mi maille ribh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan