Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 14:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ge bè àit an tèid e a‑steach, abraibh-se ri fear-an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh, Càit a bheil an seòmar-aoidheachd, anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chaidh e a‑mach air an t‑slighe, thàinig neach na ruith, agus leig e e fhèin air a ghlùinean dha, agus dh’fheòraich e dheth, A Mhaighistir mhaith, ciod a nì mi a‑chum gun sealbhaich mi a’ bheatha mhaireannach?

Agus ma their neach air bith ribh, Carson a tha sibh a’ dèanamh seo? Abraibh gu bheil feum aig an Tighearna air; agus air ball cuiridh e an seo e.

Agus chuir e dithis de a dheisciobail, agus thubhairt e riu, Rachaibh a‑steach don bhaile, agus coinnichidh duine sibh a’ giùlan soitheach uisge: leanaibh e.

Agus nochdaidh esan dhuibh seòmar àrd, farsaing, na làn uidheam agus deasaichte: an sin ullaichibh dhuinn.

Agus abraibh ri fear-an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh riut, Càit a bheil an seòmar aoidheachd anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail?

Agus air dha na nithean seo a ràdh, dh’fhalbh i, agus ghairm i a piuthar Muire ann an uaigneas, ag ràdh, Thàinig am Maighistir, agus tha e gad ghairm.

Tha sibh a’ gairm Maighistir agus Tighearna dhìomsa: agus tha sibh ag ràdh gu math; oir is mi sin.

Feuch, tha mi am sheasamh aig an doras, agus a’ bualadh: ma dh’èisdeas neach sam bith rim ghuth, agus gum fosgail e an doras, thig mi a‑steach da ionnsaigh, agus gabhaidh mi mo shuipear maille ris, agus esan maille riumsa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan