Agus chuir e dithis de a dheisciobail, agus thubhairt e riu, Rachaibh a‑steach don bhaile, agus coinnichidh duine sibh a’ giùlan soitheach uisge: leanaibh e.
Oir is duine mise fhèin a tha fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham: agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e: agus ris an fhear seo eile, Thig, agus thig e: agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e.
Agus air a’ chiad là de fhèill an arain neo-ghortaichte, nuair a bu ghnàth leo an t‑uan-càisge a mharbhadh, thubhairt a dheisciobail ris, Càit an toil leat sinne a dhol a dh’ullachadh, a‑chum gun itheadh tu a’ chàisg?
Agus ge bè àit an tèid e a‑steach, abraibh-se ri fear-an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh, Càit a bheil an seòmar-aoidheachd, anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail?
Agus chan eil creutair sam bith nach eil follaiseach na làthair-san: ach tha na h‑uile nithean lomnochd, agus fosgailte do shùilean an Tì dom feum sinn cunntas a thabhairt.