Agus nuair a chuala iadsan seo, bha iad aoibhneach, agus gheall iad airgead a thoirt dha. Agus dh’iarr e cionnas a dh’fhaodadh e gu h‑iomchaidh esan a bhrath.
Agus thubhairt Ahab ri Eliah, An d’fhuair thu mi, O mo nàmhaid? Agus thubhairt esan, Fhuair mi thu; a chionn gun do reic thu thu fhèin a dhèanamh uilc ann an sùilean an Tighearna.
Agus thubhairt esan ris, Nach deachaidh mo chridhe-sa maille riut, nuair a thill an duine o a charbad ad choinneamh? An àm seo a ghabhail airgid, agus a ghabhail aodaich, agus liosan-ola, agus fhìonliosan, agus chaorach, agus buair, agus òglach, agus bhanoglach?
Agus air a’ chiad là de fhèill an arain neo-ghortaichte, nuair a bu ghnàth leo an t‑uan-càisge a mharbhadh, thubhairt a dheisciobail ris, Càit an toil leat sinne a dhol a dh’ullachadh, a‑chum gun itheadh tu a’ chàisg?
Oir is e gaol an airgid freumh gach uilc: nì am feadh a mhiannaich dream àraidh, chaidh iad air seachran on chreideamh, agus thro-lot iad iad fhèin le iomadh cràdh.
Is an‑aoibhinn dhaibh! Oir dh’imich iad ann an slighe Chàin, agus ruith iad gu togarrach ann an seachran Bhalàaim air ghaol tuarasdail, agus sgriosadh iad ann an ana-cainnt cheannaircich Chore.