Agus dh’imich Iùdas Iscariot, aon den dà‑fhear-dheug, a‑chum nan àrd-shagart, gu esan a bhrath dhaibh.
Eadhon fear mo shìth as an d’earb mi, esan a dh’ith dem aran, thog e a shàil am aghaidh.
Sìmon an Canàanach, agus Iùdas Iscariot, an neach fòs a bhrath esan.
Agus nuair a chuala iadsan seo, bha iad aoibhneach, agus gheall iad airgead a thoirt dha. Agus dh’iarr e cionnas a dh’fhaodadh e gu h‑iomchaidh esan a bhrath.
Agus Iùdas Iscariot, an neach sin a bhrath e: agus chaidh iad do thaigh.
Agus nuair a bha an t‑suipear thairis (air don diabhal a‑nis a chur ann an cridhe Iùdais Iscarioit, mac Shìmoin, esan a bhrath),
An sin an dèidh dhàsan an greim a ghabhail, chaidh e a‑mach air ball; agus bha an oidhche ann.