Agus bha a’ chàisg agus fèill an arain neo-ghortaichte an dèidh dà là: agus dh’iarr na h‑àrd-shagartan agus na sgrìobhaichean cionnas a ghlacadh iad esan le foill, agus a chuireadh iad gu bàs e.
A‑mhàin a‑chum a thilgeadh sìos o a àirde tha iad a’ gabhail comhairle le chèile; is miann leo breugan; lem beul beannaichidh iad, ach nan cridhe mallaichidh iad. Selah.
Uime sin, nuair a bheir thu do dhèirc, na toir fa‑near gall-tromp a shèideadh romhad, mar a nì na cealgairean anns na sionagogan agus anns na sràidean, a‑chum gum faigh iad glòir o dhaoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gu bheil an tuarasdal aca.
Agus air a’ chiad là de fhèill an arain neo-ghortaichte, nuair a bu ghnàth leo an t‑uan-càisge a mharbhadh, thubhairt a dheisciobail ris, Càit an toil leat sinne a dhol a dh’ullachadh, a‑chum gun itheadh tu a’ chàisg?
An sin chruinnich na h‑àrd-shagartan agus na Pharasaich comhairle, agus thubhairt iad, Ciod tha sinn a’ dèanamh? Oir tha an duine seo a’ dèanamh mòran mhìorbhailean.
A‑nis ro fhèill na càisge, air do Iosa fios a bhith aige gu robh a uair air teachd, anns an rachadh e as an t‑saoghal seo a‑chum an Athar, air dha a mhuinntir fhèin a bha anns an t‑saoghal a ghràdhachadh, ghràdhaich e gu crìch iad.
Agus ghlac e agus chuir e ann am prìosan e, agus thug e e ra ghleidheadh do cheithir cheathrar shaighdearan, fo rùn a thoirt a‑mach don t‑sluagh an dèidh na càisge.