Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach thugaibh an aire dhuibh fhèin; oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean: agus anns na sionagogan sgiùrsar sibh, agus cuirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo shon-sa, mar fhianais dhaibhsan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

37 Iomraidhean Croise  

Ach tha mise ag ràdh ribh, Ge bè neach aig am bi fearg ra bhràthair gun adhbhar, gum bi e ann an cunnart a’ bhreitheanais: agus ge bè neach a their ra bhràthair, Ràca, gum bi e ann an cunnart na comhairle: ach ge bè neach a their, Amadain, gum bi e ann an cunnart teine ifrinn.

Agus thubhairt e ris, Feuch nach innis thu a’ bheag do neach air bith: ach imich, nochd thu fhèin don t‑sagart, agus tabhair mar ìobairt airson do ghlanaidh na nithean a dh’àithn Maois, mar fhianais dhaibh.

Agus fhreagair Iosa iad, agus thòisich e air a ràdh, Thugaibh an aire nach meall aon neach sibh:

Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh crithean-talmhainn ann an iomadh àit, agus bidh gortan agus trioblaidean ann: is iad sin toiseach dhòrainnean.

Agus cò air bith iad nach gabh ribh, agus nach èisd ribh, air dhuibh imeachd as an àite sin, crathaibh an duslach a bhios fo ur casan mar fhianais nan aghaidh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom agus do Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na don bhaile sin.

Agus cò air bith iad nach gabh ribh, air dhuibh dol a‑mach as a’ bhaile sin, crathaibh dhibh eadhon an duslach o ur casan mar fhianais nan aghaidh.

Cuimhnichibh am facal a thubhairt mi ribh, Chan eil an seirbhiseach nas mò na a thighearna. Ma rinn iad geur-leanmhainn ormsa, nì iad geur-leanmhainn oirbhse mar an ceudna: ma choimhead iad m’fhacal-sa, coimheadaidh iad ur facal-se mar an ceudna.

Cuiridh iad as an t‑sionagog sibh: seadh, thig an uair, ge bè neach a mharbhas sibh, gun saoil e gu bheil e a’ dèanamh seirbhis do Dhia.

Agus nuair a thàinig e dar n‑ionnsaigh-ne, ghabh e crios Phòil, agus cheangail e a làmhan agus a chasan fhèin, agus thubhairt e, Mar seo tha an Spiorad Naomh ag ràdh, Is ann mar seo a cheanglas na h‑Iùdhaich ann an Ierusalem an duine dom buin an crios seo, agus bheir iad thairis e do làmhan nan Cinneach.

Nuair a chuala iad na nithean sin, bha iad air an gonadh nan cridhe, agus chas iad am fiaclan ris.

Oir nochdaidh mise dha cia mòr na nithean as èiginn dha fhulang air sgàth m’ainme-sa.

Oir thìodhlaiceadh dhuibhse airson Chrìosd, chan e a‑mhàin creidsinn ann, ach mar an ceudna fulang air a shon;

Nì a tha na chomharradh follaiseach air ceart-bhreitheanas Dhè, a‑chum gum measar gur airidh sibhse air rìoghachd Dhè, airson a bheil sibh a’ fulang:

Thugaibh aire dhuibh fhèin, nach caill sinn na nithean sin a shaothraich sinn, ach gum faigh sinn làn-duais.

Bha mise Eòin, ur dearbh-bhràthair, agus ur companach ann an àmhghar, agus ann an rìoghachd agus am foighidinn Iosa Crìosd, anns an eilean ris an abrar Patmos, airson facal Dhè, agus airson fianais Iosa Crìosd.

Na biodh eagal ort ro aon de na nithean sin a dh’fhuilingeas tu: feuch, tilgidh an diabhal cuid dhibh ann am prìosan, a‑chum gun dearbhar sibh; agus bidh àmhghar agaibh rè deich làithean: bi‑sa fìrinneach gu bàs, agus bheir mise dhut crùn na beatha.

Is aithne dhomh d’obraichean, agus càit a bheil thu ad chòmhnaidh, eadhon far a bheil cathair Shàtain: agus tha thu a’ cumail m’ainme-sa gu daingeann, agus cha d’àich thu mo chreideamh, eadhon anns na làithean sin anns an robh Antipas na fhianais fhìrinneach dhomh, a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan na chòmhnaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan