Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh crithean-talmhainn ann an iomadh àit, agus bidh gortan agus trioblaidean ann: is iad sin toiseach dhòrainnean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Agus sgriosar cinneach le cinneach, agus baile le baile; oir claoidhidh Dia iad leis gach airc.

Ghlac geilt-chrith iad an sin, pian mar phèin mnà ri saothair.

Agus cuiridh mise Eiphitich an aghaidh Eiphiteach; agus cogaidh iad gach fear an aghaidh a bhràthar, agus gach fear an aghaidh a choimhearsnaich; baile an aghaidh baile, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd.

Smachdaichear thu le Tighearna nan sluagh, le tàirneanaich, agus le crith-thalmhainn, agus le treun ghuth, le stoirm agus doininn, agus lasair theine chaithtich.

Agus thubhairt iad ris, Mar seo deir Heseciah, Is là teinn agus achmhasain agus maslaidh an là seo; oir tha clann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu breith chan eil ann.

Ciod a their thu nuair a thig smachdachadh ort? An dèidh dhut a theagasg dhaibh riaghladh tharad mar cheannardan? Nach dèan ioghannan do ghlacadh, amhail mnà ri saothair?

O thusa a tha ag àiteachadh Lebanoin, a tha a’ dèanamh do nid ann an seudaran, cia gràsmhor a bhios tu nuair a nì piantan greim ort, goimh amhail mnà ri saothair!

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feuch, thèid olc a‑mach o chinneach gu cinneach, agus dùisgear suas iomaghaoth mhòr o chrìochan na talmhainn.

Gu cinnteach chuala mi glaodh amhail mnà ri saothair, teanntachd amhail mnà ri breith a ciad leinibh, glaodh nighean Shioin; a’ caoidh, a’ sgaoileadh a bas, agus ag ràdh, Mo thruaighe mise a‑nis, oir tha m’anam air a chlaoidh le luchd-mortaidh!

Tha Damascas air fàs lag, tha e ga thionndadh fhèin gu teicheadh, agus fhuair eagal greim air; ghlac teanntachd e, agus ioghannan, mar mhnaoi ri saothair.

Chuala rìgh Bhàbiloin iomradh orra, agus dh’fhàs a làmhan lag: ghlac àmhghar e, goimh, amhail mnà ri saothair.

Chuala sinn iomradh air seo: dh’fhàs ar làmhan lag: tha goimh air dèanamh greim oirnn; pian, amhail mnà ri saothair chloinne.

Agus tilgidh mi rìgh-chathair rìoghachdan bun-os‑cionn, agus sgriosaidh mi neart rìoghachdan nan cinneach; agus tilgidh mi bun-os‑cionn na carbadan, agus iadsan a tha a’ marcachd orra, agus tuitidh na h‑eich agus am marcaichean sìos, gach aon le claidheamh a bhràthar.

(Agus tàrlaidh anns an là sin gum bi buaireas mòr on Tighearna nam measg: agus glacaidh iad greim, gach aon de làimh a choimhearsnaich; agus èiridh a làmh suas an aghaidh làmh a choimhearsnaich.

Agus chan eil annta seo uile ach toiseach thruaighean.

Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean, na biodh buaireas oirbh: oir is èiginn dhaibh seo teachd; ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast.

Ach thugaibh an aire dhuibh fhèin; oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean: agus anns na sionagogan sgiùrsar sibh, agus cuirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo shon-sa, mar fhianais dhaibhsan.

Agus air seasamh suas do aon dhiubh dom b’ainm Agabus, dh’fhoillsich e tron Spiorad gum biodh gorta mhòr air feadh an domhain uile: nì mar an ceudna a thachair ri linn Chlaudiuis Chèasair.

Oir nuair a their iad, Sìth agus tèarainteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair air mnaoi thorraich; agus cha tèid iad as.

Agus chaidh each eile a‑mach, a bha dearg; agus thugadh cumhachd dhàsan a shuidh air, a‑chum sìth a thoirt on talamh, ionnas gum marbhadh iad a chèile: agus thugadh claidheamh mòr dha.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan