Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise e: agus meallaidh iad mòran.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt an Tighearna rium, Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige ann am ainm-sa; cha do chuir mise uam iad, cha mhò a thug mi àithne dhaibh, cha mhò a labhair mi riu: sealladh breugach, agus fiosachd, agus neoni, agus mealltaireachd an cridhe fhèin, tha iad a’ fàistneachd dhuibh.

Agus èiridh mòran fhàidhean brèige, agus meallaidh iad mòran.

Oir thig mòran ann am ainm-sa, ag ràdh, Is mise Crìosd; agus meallaidh iad mòran.

Oir èiridh Crìosdan brèige, agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean, agus mìorbhailean a‑chum, nam bu chomasach e, na daoine taghte fhèin a mhealladh.

Agus fhreagair Iosa iad, agus thòisich e air a ràdh, Thugaibh an aire nach meall aon neach sibh:

Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean, na biodh buaireas oirbh: oir is èiginn dhaibh seo teachd; ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast.

Thàinig mise ann an ainm m’Athar, agus chan eil sibh a’ gabhail rium: ma thig neach eile na ainm fhèin, gabhaidh sibh ris-san.

Uime sin thubhairt mi ribh gum bàsaich sibh nur peacaidhean: oir mura creid sibh gur mise e, gheibh sibh bàs nur peacaidhean.

An sin thubhairt Iosa riu, Nuair a thogas sibh suas Mac an Duine, an sin bidh fhios agaibh gur mise e, agus nach eil mi a’ dèanamh nì sam bith uam fhèin; ach mar a theagaisg m’Athair mi, gu bheil mi a’ labhairt nan nithean seo.

A mhuinntir ionmhainn, na creidibh gach uile spiorad, ach dearbhaibh na spioradan, an ann o Dhia a tha iad: do bhrìgh gu bheil mòran fhàidhean brèige air dol a‑mach don t‑saoghal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan