Tha mi am chadal, ach tha mo chridhe na fhaireachadh. Guth fir mo ghràidh a’ bualadh! Fosgail dhomh, mo phiuthar, mo bhanacharaid, mo chalaman, mo bhean choileanta; oir tha mo cheann còmhdaichte le drùchd, mo chiabhan le braoin na h‑oidhche.
Tha a luchd-faire dall, gach aon dhiubh; tha iad aineolach, gach aon dhiubh; is coin bhalbh iad nach urrainn tabhannaich; a’ tuiteam nan cadal, gan sìneadh fhèin sìos, leis an ionmhainn cadal.
Agus thàinig e, agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thubhairt e ri Peadar, A Shìmoin, a bheil thu ad chadal? Nach b’urrainn thu faire a dhèanamh aon uair?
Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann.