Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:35

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin dèanaibh-se faire, oir chan eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an taighe; an ann air feasgar, no air mheadhon-oidhche, no aig gairm-choileach, no anns a’ mhadainn;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus anns a’ cheathramh faire den oidhche, chaidh Iosa dan ionnsaigh, ag imeachd air an fhairge.

Uime sin dèanaibh-se faire, oir chan eil fhios agaibh ciod an uair anns an tig ur Tighearna.

Ach tha fhios seo agaibh, nam b’fhiosrach fear-an‑taighe ciod an uair anns an tigeadh an gadaiche, gun dèanadh e faire, agus nach fuilingeadh e gum briseadh a thaigh troimhe.

Uime sin, bithibh-se ullamh mar an ceudna: oir nuair nach saoil sibh, thig Mac an Duine.

Thugaibh fa‑near, dèanaibh faire agus ùrnaigh; oir chan eil fhios agaibh cuin a thig an t‑àm.

Agus na nithean a tha mi ag ràdh ribhse, tha mi ag ràdh ris na h‑uile dhaoine, Dèanaibh faire.

Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, An‑diugh, air an oidhche seo fhèin, mun goir an coileach dà uair, gun àich thusa mi trì uairean.

Agus chunnaic e iadsan air am pianadh ag iomramh; oir bha a’ ghaoth nan aghaidh; agus thàinig e dan ionnsaigh mu thimcheall na ceathramh faire den oidhche, ag imeachd air a’ mhuir, agus b’àill leis dol seachad orra.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan