Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:34

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Oir tha Mac an Duine mar dhuine a chaidh air thuras, agus a dh’fhàg a thaigh fhèin, agus a thug da sheirbhisich cumhachd, agus a obair fhèin do gach neach, agus a thug àithne don dorsair faire a dhèanamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus bheir mi dhut iuchraichean rìoghachd nèimh: agus ge bè nì a cheanglas tusa air talamh, bidh e ceangailte air nèamh; agus ge bè nì a dh’fhuasglas tusa air talamh, bidh e fuasgailte air nèamh.

Dhàsan fosglaidh an dorsair; agus èisdidh na caoraich ra ghuth: agus gairmidh e a chaoraich fhèin air an ainm, agus treòraichidh e a‑mach iad.

Oir, air an adhbhar seo, tha sibh mar an ceudna a’ toirt cìse dhaibh: oir is iad seirbhisich Dhè iad, a’ sìor-fheitheamh air an nì seo fhèin.

Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.

Air dhuibh fios a bhith agaibh gum faigh sibh on Tighearna duais na h‑oighreachd: oir is ann don Tighearna Crìosd a tha sibh a’ dèanamh seirbhis.

A mhaighistirean, thugaibh dur seirbhisich an nì sin a tha ceart agus cothromach, air dhuibh fios a bhith agaibh gu bheil agaibh fhèin maighistir mar an ceudna air nèamh.

Agus a‑chum aingeal na h‑eaglais ann am Philadelphia, sgrìobh: Na nithean seo tha an Tì naomh ag ràdh, an Tì fìor, an Tì aig a bheil iuchair Dhaibhidh, an Tì a dh’fhosglas, agus cha dùin neach air bith; agus a dhùineas, agus chan fhosgail neach air bith:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan