Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Marcus 13:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach chan eil fhios an là no na h‑uaire sin aig neach air bith, chan eil aig na h‑ainglean a tha air nèamh, no aig a’ Mhac, ach aig an Athair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Dèanaibh faire air an adhbhar sin, do bhrìgh nach aithne dhuibh an là no an uair air an tig Mac an Duine.

An dèidh aimsir fhada thàinig tighearna nan seirbhiseach sin, agus rinn e cunntas riu.

Ach anns a’ mheadhon-oidhche, rinneadh glaodh, Feuch, tha am fear nuadh-pòsda a’ teachd; rachaibh a‑mach ga choinneachadh.

Thèid nèamh agus talamh thairis; ach cha tèid mo bhriathran-sa thairis a‑chaoidh.

Ach thubhairt esan riu, Cha bhuin e dhuibhse fios nan aimsir no nan àm fhaotainn, a chuir an t‑Athair na chumhachd fhèin.

Ach thig là an Tighearna mar ghadaiche anns an oidhche; anns an tèid na nèamhan thairis le toirm mhòir, agus anns an leagh na dùilean le dian-theas; agus bidh an talamh mar an ceudna, agus na h‑obraichean a tha air, air an losgadh suas.

Taisbeanadh Iosa Crìosd, a thug Dia dha, a dh’fhoillseachadh da sheirbhisich nithean as èiginn teachd gu crìch ann an ùine gheàrr; agus chuir e teachdaireachd uaithe, agus le a aingeal fhèin dh’fhoillsich e iad da sheirbhiseach Eòin,

Cuimhnich uime sin cionnas a fhuair agus a chuala tu, agus glèidh, agus gabh aithreachas. Uime sin mura dèan thu faire, thig mi ort mar ghadaiche, agus cha bhi fhios agad ciod i an uair anns an tig mi ort.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan